Tha iomairtean Black Lives Matter air solas a chur air iomairt chonnspaideach bho bhliadhnachan tràtha na h-Eaglaise Saora. Goirid an dèidh stèidheachadh na h-Eaglaise ann an 1843, thàinig taic-airgid thuice bho stàitean ann an ceann a deas nan Stàitean Aonaichte.
Nochd iomairt, Send Back the Money, a dh’iarr air an Eaglais an t-airgead a thilleadh, leis gun d’ thàinig e bho stàitean far an robh tràilleachd.
Thàinig Frederick Douglas, a theich bho thràilleachd sna Stàitean Aonaichte, a dh’Alba ann an 1846. Ann an sreath òraidean, chuir e ìmpidh air an eaglais an t-airgead a thilleadh. Dhiùlt an eaglais sin a dhèanamh.
Tha an eachdraiche Daibhidh Alston ag ràdh gum bu chòir buidhnean leithid na h-Eaglaise Saora a bhith deònach leisgeul a thabhann airson leithid de cho-dhùnaidhean, agus a bhith cunntachail airson rudan math agus dona nan eachdraidh.
Thuirt an Eaglais Shaor nach eil iad cunntachail airson giùlan ghinealaichean a dh’fhalbh agus nach eil brìgh sam bith ann a bhith a’ faighneach eil aithreachas orra airson an co-dhùnadh ris an d’thàinig i an uairsin.
Tuilleadh mun a seo air An Là @bbcnaidheachdan a-nochd aig 7f.
You can follow @RuairidhMaciver.
Tip: mention @twtextapp on a Twitter thread with the keyword “unroll” to get a link to it.

Latest Threads Unrolled:

By continuing to use the site, you are consenting to the use of cookies as explained in our Cookie Policy to improve your experience.