Rannsachadh mòr ùr ga fhoillseachadh an-diugh mu staid na Gàidhlig sna coimhearsnachdan dùthchasach. Na h-ùghdarran, @ConchurOG agus @iaincaimbeul, ag ràdh g' eil atharrachaidhean mòra a dhìth air poileasaidhean Gàidhlig ma tha an cànan dol a mhaireadh beò sna h-eileanan.
Thuirt iad gu bheil cleachdadh sòisealta na Gàidhlig agus toirt seachad a' chànain dhan ath ghinealach an ìmpis briseadh sìos. Tha iad ag ràdh gum bu chòir Urras Gàidhlig a bhith air a stèidheachadh sna h-eileanan son taic dhìreach a chur ri coimhearsnachdan.
Tha Bòrd na Gàidhlig ag ràdh gu bheil am modail aca ag obrachadh agus gu bheil iad a' cur taic làidir ri coimhearsnachdan. Thuirt iad nach eil a bhith stèidhichte an Inbhir Nis a' cur bacadh sam bith orra bho bhith a' brosnachadh agus a' neartachadh a' chànain sna h-eileanan.
Tha an leabhar ùr mar-thà air deasbad a bhrosnachadh mun t-slighe air adhart gus Gàidhlig a shàbhaladh mar chànan coimhearsnachd san 21mh linn.
Cluinnear bho @ConchurOG, @iaincaimbeul, @KateForbesMSP, Cathraiche BnG, Màiri NicAonghais, Anna NicSuain, Calum MacIlleathain, agus Tim Armstrong air @bbcnaidheachdan tron latha.